Bho Pheairt gu Hiort

£11.99

A Non-fiction book on the elements of place names. In Gaelic throughout.

Description

AN LEABHAR

Thathar a’ toirt sùil air na h-eileamaidean no na facail a nochdas ann an ainmean-àite Gàidhlig, agus cuid dhiubh nach eil cho cumanta ann an còmhradh tuilleadh, mar dobhar, gasg is sàilean, agus bheirear sùil air eileamaidean cumanta ann an ainmean à cànanan eile a leithid na Lochlannais is na Breatannais. Tha caibideil ann mu ainm-eòlas anns an fharsaingeachd agus eachdraidh ainmean-àite na h-Alba. Aig an deireadh tha liosta a rèir na h-aibideil de na h-ainmean uile a tha a’ nochdadh san leabhar.

AN T-ÙGHDAR

Rugadh is thogadh Iain Mac an Tàilleir ann an Eilginn agus chaidh e dhan sgoil an sin, far an do thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh mus do rinn e air Oilthigh Obar Dheathain far an tug e a-mach ceum ann an Ceiltis. Bha e na thidsear Gàidhlig ann an Uibhist a Deas agus ann am Blàr Ghobharaidh, agus fhuair e cothrom a dhol a dh’obair air leasachadh stuthan-teagaisg ann an Colaiste Chnoc Iòrdain, obair a bha na fìor thlachd. Às dèidh greis ann an saoghal an telebhisein, thòisich e air teagasg ann an Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach far an robh Ainm eòlas na h-Alba air aon de na cuspairean a b’ fheàrr leis air sàillibh na h-ùidh a th’ aige ann an ainmean, aineam-àite gu sònraichte ach cuideachd ainmean pearsanta. Tha e air corra leabhar a sgrìobhadh mu ainmean-àite agus bha e na cho-sgrìobhaiche air Teach Yourself Gaelic còmhla ri Boyd Robasdan, agus tha ùidh aige ann am poileasaidh is planadh cànain, mion-chànanan, eachdraidh na Roinn Eòrpa agus caitheamh-beatha dhaoine ann an dùthchannan cèine. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2020, agus tha e a-nis a’ fuireach air taobh an iar na h-Èireann

Additional information

Weight 1 kg
ISBN

978-1-8382337-9-2

Published

2025

en_GB