STEALL

Iris litreachais na Gàidhlig

Thòisich STEALL, iris litreachais a tha ag amas air sgrìobhadh ùr a thoirt gu aire dhaoine – agallamhan, ficsean, aistidhean, bàrdachd, sgrùdadh agus eile – ann an 2016.

Tha sinn air ar dòigh gu bheil an t-uabhas de dh’ùghdaran air a bhith an sàs ann an STEALL: ùghdaran eòlach agus ùr. Tha sinn cuideachd taingeil airson na taic a fhuair sinn bho chomhearsnachd na Gàidhlig gus an iris seo a chur an clò.

Ma tha thu nad nerd Gàidhlig – tha iad ann! – seo staitistig neo dhà a thaobh STEALL 01-05:

  • Chaidh 52% de stuthan STEALL a sgrìobhadh le luchd-ionnsachaidh.
  • Tha a’ mhòr-chuid de sgrìobhadairean STEALL – 58% - a’ fuireach air tìr-mòr neo ann am bailtean.
  • Tha sgrìobhadairean a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann air a bhith anns gach iris.
  • Tha 12% de sgrìobhadairean STEALL a’ fuireach thall thairis – nach math sin! – mar eisimpleir ann an Canada, na Stàitean Aonaiichte, Poblachd nan Seiceach no Èirinn.
  • ’S e 30% de sgrìobhadairean STEALL a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar neo san Eilean Sgitheanach.
  • Dh’fhoillsich sinn còrr is 50 sgrìobhadair anns na ciad irisean de STEALL.

“Mar neach òg – cha do ràinig mi aois a’ pheinnsein buileach fhathast! – bha e fìor mhath a bhith a’ faighinn cothrom sgeul ghoirid fhoillseachadh ann an STEALL. Mar sgrìobhadair ùr, thug seo beagan misneachd dhomh.” Iain Beggs, 2020

gd