Your cart is currently empty!
Chaidh am foillsichear Gàidhlig CLÀR a chur air chois ann an 1996. B’ e ar prìomh amas leabhraichean ùra fhoillseachadh le cuideam air sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin.
Tha CLÀR a-nis air còrr is 80 leabhar fhoillseachadh. Tha sinn air sgrìobhadh bho chòrr is 100 ùghdar Gàidhlig fhoillseachadh agus gu dearbh, bidh seo a’ fàs agus a’ fàs.
Bhuannaich CLAR duais na bàrdachd airson leabhar Rody Gorman - Sa Chnoc - aig Duaisean Litreachais na Gàidhlig 2024.
San dealbh: Seonaidh Charity, Shelagh Chaimbeul, Joni Bochanan, Gwen Bowie, Rody Gorman, Aonghas Moireasdan.