Your cart is currently empty!
San leabhar seo SA CHNOC, tha bàrdachd eadar ùr is aosta le Rody Gorman. Tha na bhroinn bàrdachd Tao ann an Gàidhlig; dàin a bhuineas dhan cheàrnaidh sa bheil Gorman a’ fuireach ann an Slèite an Eilein Sgitheanaich; feadhainn a tha a-mach air siubhal a-null thairis far a bheil e air a bhith ag obair mar sgrìobhadair air mhuinntireas; dàin Ghàidhlig a tha après feadhainn de na bàird mhòra leithid Kaplinski, Różewicz agus Holub; dreach Gàidhlig air na tanka bho Sarumaru Taifu gu Fujiwara no Kintsune; dàin-mholaidh do Ghàidheil eadar ainmmeil is gun a bhith; haiku bho na h-urracha mòra, earrannan à saothair mhòr Bhasho nam measg; ‘Hávamál’ Innis Tìle ann an riochd Gàidhlig; òrain le Bob Dylan agus ‘Strange Fruit’ agus; sreath a bhuineas ri glasadh an t-sluaigh. Na dhòigh fhèin, chaidh a h-uile gin dhiubh a dhèanamh sa chnoc, air chleas saothair nan luuletaja riamh.
Weight | 1 kg |
---|---|
ISBN | 9781838233754 |
Published | 2023 |