Your cart is currently empty!
Bàrdachd agus Rosgle Mgr Iain Dhonnchaidh Deasaichte le Iain MacDhòmhnaill
Ged a tha iomadach bliadhna o dh’eug an t-Athair Iain MacIlleMhaoil à Barraigh(1880–1951) tha deagh chuimhne air fhathast – mar shagart, mar bhàrd agus mar dhuine air an robh meas mòr.
Tha grunn dhe na h-òrain aige gan seinn fhathast, ach cha deach na rinn e a chruinneachadh cruinn, còmhla thuige seo, is a-nis gabhaidh sealladh coileanta fhaighinn air na dh’fhàg e. Tha iomradh mionaideach air a bheatha aig toiseach an leabhair. Tha dealbhannan ann cuideachd.
Earrann
“Bha Mgr Iain sa Bhàgh a Tuath nuair a thàinig Iain Latharna Caimbeul (aig an robh Canaigh às deaghaidh seo) a dh’fhuireach a Bharraigh, agus sgrìobh an Caimbeulach ‘Our Barra Years’ dhan Scots Magazine ann an 1975. Bha seo gu sònraichte mu Chompton MacCoinnich, ach rinn e dealbh cuideachd air mar a bha Barraigh anns na 1930an nuair a chuir e fhèin seachad ceithir bliadhna gu leth a’ fuireach ann, agus air na daoine tlachdmhor a bh’ anns an eilean an uair sin…”
IMD
Weight | 1 kg |
---|---|
ISBN | 978-1-900901-91-8 |
Published | 2018 |