Leanabachd a’ Cho-ghleusaiche

£9.99

Tha na dàintean san leabhar seo a’ dèiligeadh ri cuspairean anabarrach eadar-dhealaichte – caraid aig caraid ris nach fhuaras riamh cothrom coinneachadh; dùsgadh sa mhochthràth is leannan ri do thaobh; an t-iomagain is an neo-thèarainteachd a dh’fhairicheas am bàrd mu na tha e a’ sgrìobhadh agus àite san t-saoghal; an ceangal trioblaideach a bh’ aige ri mhàthar fhèin; ceòl Schumann is dealbhan Vuillard; leanabachd a’ cho-ghleusaiche Martinú, ann an àrd-stìopall eaglais baile bhig san t-Seic, fada bho na daoine is bhon tìr.

Tha bàrdachd MhicIlleBhàin an-còmhnaidh lìomhaichte is sgileil, làn ìomhaighean nuadha is neo-àbhaisteach, a’ cosnadh thachartasan is lèirsinnean ùra do litreachas na Gàidhlig.

A bharrachd air an leabhar seo do ChLÀR, am measg rudan eile, tha Crìsdean MacIlleBhàin air tionndaidhean Gàidhlig a dhèanamh air dithis eadar-nàiseanta ainmeil, Marina Tsvetaeva às a Ruis agus Sandor Márai às an Ungair. Tha iad sin rim faighinn – airson a’chiad uair a-riamh – ann an STEALL 03.

Mun leabhar

Dùthaich a bha dha-rìribh nàimhdeil

“Bha mi gay ann an dùthaich a bha dha-rìribh nàimhdeil, neo-fhulangach don t-seòrsa ud, nuair a fhuair mi m’ àrach; nam Chaitligeach, agus na daoine Caitligeach a’ fulang claon-bhàidh agus eadar-dhealachadh tàmailteach ann an Alba; nam Albannach, nuair nach robh mòr-chultar ann, a rèir coltais, seach cultar na Beurla.”

Crìsdean MacIlleBhàin, STEALL 01, 2016

Barrachd

Weight 1 kg
ISBN

978-1-9161458-6-3

Published

2020

gd