Leabhraichean

Ficsean

Aig CLÀR, tha sinn gu mòr airson a bhith a’ foillseachadh nuadh fhicsean Gàidhlig air leth. Is e ar n-amas sgeulachdan ùra, tarraingeach a lìbhrigeadh a chòrdas ris an luchd-leughaidh. Tha sinn a’ creidsinn ann a bhith a’ comharrachadh diofar chuspairean, agus cuspairean a tha cudromach do luchd-leughaidh Gàidhlig. Tha sinn dealasach a thaobh co-obrachadh ri sgrìobhadairean ficsean ùr agus stèidhichte anns a’ Ghàidhlig, a’ toirt àite dhaibh gus na tàlantan aca a thaisbeanadh. Tha earbsa aig luchd-leughaidh nuair a thaghas iad foillseachadh bho CLÀR gum faigh iad sgeulachd tharraingeach air a dheagh sgrìobhadh

Bàrdachd

Thar nam bliadhnaichean tha CLÀR air corra chruinneachadh bàrdachd fhoillseachadh. Chaidh 2023 a chomharrachadh na Bliadhna na Bàrdachd bhon a bha bàrd no dhà aig an robh cruinnichidhean a bha a’ feitheamh am foillseachadh. Gu ruige seo chaidh 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn fhoillseachadh agus tha dùil ri cruinnichidhean bho Deborah Moffatt, Niall O’Gallagher agus Rody Gorman a dh’aithghearr.

Neo-fhicsean

Aig CLÀR, tha sinn airson cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh a thuilleadh air ficsean. Tha sinn moiteil a bhith a’ tabhann taghadh farsaing agus inntinneach de theacsaichean neo-fhicsean a bhios a’ dèiligeadh ri diofar thaobhan den dualchas bheairteach againn.

Tha an cruinneachadh neo-fhicsean againn a’ gabhail a-steach raon farsaing de chuspairean, bho eachdraidh is beul-aithris, gu gleidheadh cànain agus cunntasan ùr-nòsach. Tha sinn ag amas air cothrom a thoirt do luchd-leughaidh air stuthan air an deagh rannsachadh, fiosrachail agus tarraingeach a tha a’ rannsachadh diofair ìrean is raointean de chultar, cànan is eachdraidh na Gàidhlig.


STEALL

Thòisich STEALL, iris litreachais a tha ag amas air sgrìobhadh ùr a thoirt gu aire dhaoine – agallamhan, ficsean, aistidhean, bàrdachd, sgrùdadh agus eile – ann an 2016.


gd