Your cart is currently empty!
Seo an treas cruinneachadh bàrdachd aig Niall O’Gallagher, ùghdar Suain nan Trì Latha (2016) agus Beatha Ùr (2013), foillsichte le CLÀR cuideachd. Chan eil tionndadh Beurla ann an gin dhe na leabhraichean aig Niall do ChLÀR. Seo na tha an t-ùghdar ag ràdh mu fhèin-eadar-theangachaidhean agus dàin dà-chànanach: “Thug fèin-eadar-theangachadh chun na Beurla cothrom do Nabokov agus Brodsky a’ cheansaireachd a sheachnadh. Ach dhomh fhìn, nam bhàrd Gàidhlig ag obair ann an Alba aig toiseach na ciad linne fichead, is e fèin-cheansaireachd a bhiodh ann, neo fèin-cheannsachadh, na ghèilleadh ris a’ bhailbhe. Tha an dàn dà-chànanach coltach ri dealan-dè ann an ciste ghlainne: àlainn, is dòcha, ach ribte, marbh, gun chomas sgèith.” Ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn, tha beachd Nèill a’ nochdadh ann an STEALL 02.
Beachdan air sgrìobhadh Nèill
“I don’t know if any other poet in our lifetime has crossed the causeway between the old and the new so ably and so honestly” An t-àrd Ollamh Alan Titley, Comhar, 2008
“A brilliant … contemporary practitioner of classical Celtic verse.” Llˆyr Gwyn Lewis, 2017
Ann an 2019, chaidh Niall O’Gallagher ainmeachadh mar chiad Bhàrd Baile Ghlaschu.
Weight | 1 kg |
---|---|
ISBN | 978-1-9161458-5-6 |
Published | 2020 |