Mun leabhar
Earrann
“Bha Mgr Iain sa Bhàgh a Tuath nuair a thàinig Iain Latharna Caimbeul (aig an robh Canaigh às deaghaidh seo) a dh’fhuireach a Bharraigh, agus sgrìobh an Caimbeulach ‘Our Barra Years’ dhan Scots Magazine ann an 1975. Bha seo gu sònraichte mu Chompton MacCoinnich, ach rinn e dealbh cuideachd air mar a bha Barraigh anns na 1930an nuair a chuir e fhèin seachad ceithir bliadhna gu leth a’ fuireach ann, agus air na daoine tlachdmhor a bh’ anns an eilean an uair sin…”
IMD






