Your cart is currently empty!
Chuir Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain seachad làithean òige anns na Hearadh agus an Uibhist a Tuath. An dèidh sin thòisich e, mar a chanas e fhèin, a’ siubhal nan seachd sitigean. Chaidh e air imrich a Chanada agus thug an obair a bha aige an sin, mar chonaltraiche corporra, air an fhalbhan e gu caochladh dhùthchannan. An dèidh còig bliadhna fichead anns a’ ghnìomhachas niùclasach thill e a dh’Alba a dh’obair do Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig – MG ALBA a th’ orra an-diugh. Nuair a leig e dheth an dreuchd sin, dhragh a bhean air taod e air ais a Cheap Breatann. Bha e fuireach air bruaich Abhainn Mira, far an do thuinich iomadh Uibhisteach eile. Anns an leabhar seo tha e toirt iomraidh air eachdraidh a bheatha ach cuideachd air an dualchas, an eachdraidh agus an àrainneachd a chuir cruth air a smuaintean agus a ghiùlan.
Weight | 1 kg |
---|---|
ISBN | 978-1-900901-65-9 |
Published | 2011 |