
Ùr: Bho Pheairt gu Hiort
Chaidh leabhar inntinneach, Bho Pheairt gu Hiort le Iain Mac an Tàilleir, a chur air bhog sa’ Ghearan 2026 ann an Sabhal Mòr Ostaig.
Tha an leabhar a’ toirt sùil air eileamaidean ann an ainmean-àite ann an Alba.
Ged a tha iomadh leabhar ann air ainmean-àite, tha am fear seo air leth bhon a tha a e sa Ghàidhlig agus air a dheagh rannsachadh le Iain Mac an Tàilleir a tha na fhìor eòlaiche air a’ chuspair.
Mu ar deidhinn
Chaidh am foillsichear Gàidhlig CLÀR a chur air chois ann an 1996. B’ e ar prìomh amas leabhraichean ùra fhoillseachadh le cuideam air sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin.
Tha CLÀR a-nis air còrr is 80 leabhar fhoillseachadh. Tha sinn air sgrìobhadh bho chòrr is 100 ùghdar Gàidhlig fhoillseachadh agus gu dearbh, bidh seo a’ fàs agus a’ fàs.
Bhuannaich CLAR duais na bàrdachd airson leabhar Rody Gorman - Sa Chnoc - aig Duaisean Litreachais na Gàidhlig 2024.
San dealbh: Seonaidh Charity, Shelagh Chaimbeul, Joni Bochanan, Gwen Bowie, Rody Gorman, Aonghas Moireasdan.













