Càirdeas ’s Comain ’s Eòlas

£9.99

Tha an dàrna leabhar den bhàrdachd Ghàidhlig aig Deborah Moffatt làn càirdeais de gach seòrsa: càirdeas, cleamhnas, ‘s buntanas.

Seòrsa
Tagaichean

Mun leabhar

Tha an dàrna leabhar de bhàrdachd Ghàidhlig Deborah Moffatt làn càirdeis de gach seòrsa: càirdeas, cleamhnas is buntanas.

Còmhla ri càirdeas, gheibhear gaol is spèis, urram is mulad. Ach cuideachd tha nithean an ceart aghaidh sin anns na dàin: nàimdeas, ascaoin agus borbachd.

Tha aithris air corra thachartas eachdraidheil anns an leabhar, còmhla ri cunntasan bhon latha an diugh.

Chithear Lady Grange a’ nochdadh ann a’ Hiort, agus sgàile na comhachaig ann an Cille Choirill. Tha fògarraich is imrichean is taistealaich a’ nochdadh, na mairbh ’s na beò, eadar càirdean ’s caraidean ’s nàimdhean.

Dealbhach a’chòmhdaich Deborah Moffatt

Còmhdach le River Design

Barrachd

ISBN

978-1-8382337-7-8

gd