
Chaidh am foillsichear Gàidhlig CLÀR a chur air chois ann an 1996. B’ e ar prìomh amas leabhraichean ùra fhoillseachadh le cuideam air sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin.
Tha CLÀR a-nis air còrr is 80 leabhar fhoillseachadh. Tha sinn air sgrìobhadh bho chòrr is 100 ùghdar Gàidhlig fhoillseachadh agus gu dearbh, bidh seo a’ fàs agus a’ fàs.
’S e buidheann saor-thoileach a th’ ann an CLÀR agus the sinn a’ feuchainn ri sgrìobhadh de gach seòrsa fhoillseachadh. Dh’fhoillsich sinn leabhraichean de dhíomadh gnè: ficsean, rosg eile, bàrdachd, an iris STEALL, dràma, fiosrachadh, beul-aithris, spòrs agus corra leabhar-chloinne. An co-bhonn ri Comhairle nan Leabhraichean, dh’fhoillsich sinn còrr is 30 leabhar mar phàirt de shreath Ùr-Sgeul.
Poileasaidh Foillseachaidh CLÀR
‘S e ar prìomh amas a bhith a’ foillseachadh leabhraichean ùra, le cuideam air sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin. Cha bhi CLÀR a’ gabhail ri leabhraichean dà-chànanach neo eadar-theangachaidhean stèidhichte air leabhraichean Beurla.
’S e foillsichear saor-thoileach a th’ ann an CLÀR agus bidh sinn a’ foillseachadh suas gu ceithir leabhraichean do dh’inbhich sa bhliadhna, a bharrachd air an iris STEALL.
Tha ar prògram foillseachaidh air a chur air dòigh ro-làimh agus, aig an ìre seo, tha e làn suas gu deireadh 2027. Bidh sinn a’ beachdachadh air foillsichidhean airson 2028 (agus bliadhnachan às dèidh sin) fhathast. Bidh sinn ‘fosgailte do thagraidhean’ airson na h-ama sin bho 10mh Dùbhlachd 2026 gu 30mh Faoilleach 2027.
Leabhraichean ùra
-
Dàin nan Dùil
£8.99 -
Eadar Ceòl is Corona
£11.99 -
Fo Bhlàth
£9.99 -
Fon Choill
£9.99 -
Fuaran ceann an t-saoghail
£8.99





