Your cart is currently empty!
Bhuineadh Dòmhnall Moireasdan, am Megantic Outlaw, do theaghlach Leòdhasach a rinn an dachaigh ann am Megantic ann an Canada anns an dàrna leth de na 1800an.
Ged as e caractar eachdraidheil a th’ ann an Dòmhnall, tha Calum L. MacLeòid, ùghdar A’ Togail an t-Srùbain, air caractaran làidir, tarraingeach eile a chruthachadh timcheall air. Bheir iad sin, agus na h-ìomhaighean cumhachdach, fiosrachadh dhan leughadair air cho cruaidh ’s a bha beatha nan Gàidheal a chaidh a Chanada agus iad a’ sireadh beatha na b’ fheàrr agus na b’ fhasa dhaibh fhèin. Tha an èiginn fhèin aig pàrantan Dhòmhnaill agus an t-airgead gann orra. Dìreach mar a bha san t-Seann Dùthaich tha an t-airgead agus na h-ùghdarrais fhathast nan aghaidh, gun luaidh air talamh doirbh agus droch shìde.
Sgeulachd iongantach air a roinn na ochd pàirtean, uile gu math diofraichte – mar eisimpleir ’s e litrichean eadar Dòmhnall ’s a phiuthar, a mhàthair agus a bhràithrean a th’ ann am fear de na pàirtean, agus ’s e aithris a th’ ann an cuid eile.
Am Megantic Outlaw – ciamar a thèid dha?
Earrann
“Cha tèid à cuimhne dhomh gu bràth, cuiridh mi geall, cò ris a bha e coltach a bhith nam sheasamh anns an stèisean rèile ann an Cnoc Rìoghail, a’ feitheamh gus an tilleadh Tormod Iain le tiogaidean. Chan fhaca mi togalach a-riamh cho trang agus cho làn de dhiofar dhaoine, diofar chinnidhean, nàiseanan an t-saoghail uile cha mhòr an siud. Aig an àm cha mhòr gum b’ aithne dhomh cò às a bha duine aca. Cha robh mi fiù ’s air dealbhan fhaicinn de chuid dhiubh. ’S e na Sìonaich an aon treubh a bha mi air fhaicinn roimhe, leis gun do thog iadsan an rathad-iarrainn againn.”
Weight | 1 kg |
---|---|
ISBN | 978-1-9161458-7-0 |
Published | 2020 |