Description
Earrann
“Cha tèid à cuimhne dhomh gu bràth, cuiridh mi geall, cò ris a bha e coltach a bhith nam sheasamh anns an stèisean rèile ann an Cnoc Rìoghail, a’ feitheamh gus an tilleadh Tormod Iain le tiogaidean. Chan fhaca mi togalach a-riamh cho trang agus cho làn de dhiofar dhaoine, diofar chinnidhean, nàiseanan an t-saoghail uile cha mhòr an siud. Aig an àm cha mhòr gum b’ aithne dhomh cò às a bha duine aca. Cha robh mi fiù ’s air dealbhan fhaicinn de chuid dhiubh. ’S e na Sìonaich an aon treubh a bha mi air fhaicinn roimhe, leis gun do thog iadsan an rathad-iarrainn againn.”






